Early Years Practitioner (Gaelic Medium)

  • Làn-thìde / Full-time
  • Bun-sgoil Taobh na Pàirce, Edinburgh EH6 5NQ
  • Posted 6 days ago
  • Tuarastal / Salary: £26,788 to £30,751 per year
  • Cùmhnant / Contract: Permanent
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 36 or 12.75 (term time only)
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential
  • August 20, 2024

Làrach-lìn / Website The City of Edinburgh Council
Bun-sgoil Taobh na Pàirce

’S e Bun-sgoil Taobh na Pàirce bun-sgoil Ghàidhlig Dhùn Èideann, a’ tabhann foghlam bun-sgoile agus sgoil-àraich ann am Baile Dhùn Èideann agus Lodainn. Dh’fhosgail an sgoil anns an Lùnasdal, 2013. Tha ar teaghlaichean a’ tighinn bho shuidheachaidhean sòisealta is cànanach gu math farsaing. Bidh a’ mhòr-chuid de luchd-ionnsachaidh a’ tòiseachadh aig Bun-sgoil Taobh na Pàirce le glè bheag de Ghàidhlig agus mar sin ’s e a’ Ghàidhlig a’ leasachadh an obair as cudromaiche bhon sgoil-àraich, a’ cleachdadh a’ mhodail bhogaidh.

Tha an ceannardas an-dràsda air a dhèanamh suas den cheannard, dà leas cheannardan, dà phrìomh thidsear agus manaidsear gnìomhachais. Bidh oidean ciùil ’san sgoil gach seachdain. Tha grunn luchd-taic aig an sgoil, a’ toirt taic do fheumalachdan gach sgoilear. Tha sinn a’ faighinn tòrr taic bho Chomhairle nam Pàrant a tha a’ gabhail pàirt gnìomhach ann am beatha agus obair na sgoile. Tha mòran phàrantan agus buill coimhearsnachd againn mar shaor-thoilich. Tha an sgoil a’ leasachadh ceanglaichean làidir taobh a-staigh na coimhearsnachd agus a’ faighinn taic san obair seo bho Oifigear Leasachaidh Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig agus Oifigear Leasachaidh Corporra Ghàidhlig aig Comhairle Baile Dhùn Èideann.

Tha sinn a’ sireadh 3 Neach Obrach airson nan Tràth Bhliadhnaichean airson a bhith pàirt den sgioba sgoile again. ’S e dreuchd làn-ùine/pàirt-ùine, maireannach a tha seo.

Airson tagradh a dhèanamh, tadhail air an duilleag seo
To apply for this job please visit the following URL:

https://myjobscotland.gov.uk →