Cuidiche nam Meadhanan Sòisealta agus Rianachd

  • Neo-cheangailte / Freelance
  • Aig an taigh (Remote)
  • Posted 3 weeks ago
  • Tuarastal / Salary: 3000
  • Cùmhnant / Contract: 6 mìosan
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential
  • August 16, 2024

Uallaichean
Cuidichidh tu an stiùiriche agus manaidsear a’  phròiseict ann a bhith a’ lìbhrigeadh
Seachdain na Gàidhlig, ag obair le com-pàirtichean is buidhnean aig ìre àrd agus
buidhnean coimhearsnachd is daoine fa leth.

Cuidichidh tu ann a bhith a’ leasachadh agus a’ cumail dàimhean co-obrachail ri luchd-ùidhe a th’ ann mar-thà agus a’ stèidheachadh dàimhean ri buidhnean com-
pàirteachais eile, ùghdarrasan ionadail eile, buidhnean eile is msaa aig an aon àm.

Cuiridh tu taic ri gnìomhachd sna meadhanan sòisealta, mar eisimpleir a’ postadh
prìomh naidheachdan no dealbhan is grafaigean-fiosrachaidh.

Co-roinnidh is brosnaichidh tu eadar-ghabhail leis an t-susbaint agus freagraidh tu
eadar-ghabhail susbainte.

Stèidhichidh is cumaidh tu conaltradh ri sgoiltean is colaistean air feadh na h-Alba,
a’ toirt dhaibh fiosrachadh mu Sheachdain na Gàidhlig airson an tàladh gu com-
pàirteachas.

Eadar-theangaichidh tu raon farsaing de theacsaichean, a’ gabhail a-staigh stuthan
sanasachd is stuthan do luchd-naidheachd (Beurla – Gàidhlig/Gàidhlig – Beurla).

Thig thu gu coinneamhan cunbhalach ma thèid seo iarraidh orra is bheir thu
fiosrachadh mun adhartas gu sgioba Seachdain na Gàidhlig gu cunbhalach.

Cuidichidh tu le lìbhrigeadh gnìomhachdan margaideachd is leasachadh
luchd-èisteachd Seachdain na Gàidhlig is le lìbhrigeadh nan iomairtean digiteach
ma thèid seo iarraidh orra le Innes & Campbell Communications.

Cleachdaidh tu teicneolas digiteach airson meudachadh an luchd-èisteachd is
gabhaidh seo a-staigh ùrachadh is glèidheadh na làraich-lìn agus gach ùrlar sna
lìonraidhean sòisealta mar a dh’iarrar orra.

Cumaidh tu sùil airson cothroman is beachd-smuaintean eile a bhios buannachdail
dhan sgioba is dhan phròiseact.

Cumaidh tu taic ri sgrìobhadh nan aithisgean is sgrìobhainnean luachaidh.

Eòlas is sgilean
Cuideigin a tha fileanta sa Ghàidhlig agus aig a bheil sgilean bruidhinn is
sgrìobhaidh air leth san dà chànan.

Bidh e follaiseach gu bheil sìor dhealas aca do Sheachdain na Gàidhlig agus gun
dèilig iad ris an obair air dòigh chruthachail fhiosraichte.

Sàr sgilean eadar-phearsanta co-sheasmhach mu choinneamh raon farsaing de
chom-pàirtichean a dh’fhaodadh a bhith againn, a’ gabhail a-staigh sgoiltean.

Comas co-obrachaidh mar phàirt de sgioba beag agus a bhith ag obair air dòigh
fhor-ghnìomhach is shùbailte, gu tric le cinn-ama ghoirid.

Deagh eòlas air na meadhanan sòisealta, teicneolas digiteach agus mar a
chleachdar e ann an leasachadh margaideachd, phròiseactan is luchd-èisteachd.

Sgilean fìor mhath ann am planadh is stiùireadh agus brod nan sgilean IT.

Comas cruthachalachd is dìorras.

Le taic bho Bòrd na Gàidhlig / Funded by Bòrd na Gàidhlig

Airson tagradh a dhèanamh, tadhail air an duilleag seo
To apply for this job please visit the following URL:

https://seachdainnagaidhlig.scot →