Òraidiche Gàidhlig (Fòrladh Màthaireil)

Làrach-lìn / Website Sabhal Mòr Ostaig

Tha Sabhal Mòr Ostaig an-dràsta a’ sireadh thagraichean mu choinneimh na dreuchd Òraidiche Gàidhlig. Cuiridh an neach soirbheachail gu mòr ri teagasg air a’ phrìomh churraicealam againn a’ gabhail a-steach cùrsaichean cànain aig ìre ro-urraim agus cuspairean co-cheangailte air a’ chùrsa BA Gàidhlig, stèidhichte air an àrainn. Bu chòir ùidh sgoileireil a bhith agaibh ann an cànan, dualchas is litreachas na Gàidhlig agus bu chòir dhuibh a bhith dealasach mu theagasg agus ionnsachadh na Gàidhlig.

’S e cothrom air leth a tha seo airson taic a thoirt do ghinealach ùr na Gàidhlig agus a bhith a’ co-obrachadh ann an sàr-sgioba air àrainneachd bhrosnachail, dhùbhlanach is luachmhor, tro mheadhan na Gàidhlig. Tha eòlas air teagasg aig ìre fo-cheum riatanach airson na dreuchd.

Tha an dreuchd seo air a tabhann agus air cùmhnant sealach airson co-dhiù 12 mìosan ri linn fòrladh màthaireil.

Bu chòir dhuibh ùidh a nochdadh le mìneachadh carson a bhiodh tu freagarrach airson na dreuchd seo, le bhith a’ cur fios gu Gill Morgan ro 5.00f, 11 An Dùbhlachd 2024: gm2.smo@uhi.ac.uk

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

Oraidiche Gaidhlig 2024 TO.pdf

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.