OIFIGEAR TRUSADH OILEANACH (Fòrladh Màthaireil)

Làrach-lìn / Website Sabhal Mòr Ostaig

Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ sireadh Oifigear Trusadh Oileanach airson suas ri 12 mìos bhon Dàmhair 2024. Bidh an t-Oifigear Trusadh Oileanach a’ stiùireadh agus a’ coileanadh na h-obrach gus oileanaich a thrusadh, agus iad a’ dèanamh sanasachd air Sabhal Mòr Ostaig, gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta, mar an roghainn as fheàrr do dh’oileanaich aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig agus ann an cultar a’ chànain.

Bidh sibh a’ dealbh mheadhanan is stuthan margaidheachd, agus sibh ag obair còmhla ri ur co-obraichean, a ghabhas a cho-phàirteachadh le sgoiltean, daoine le ùidh ann a bhith a’ clàradh mar oileanaich agus le daoine bho thaobh a-muigh na colaiste mar thaic dhan obair cho-chonaltraidh againn.

Tha sinn a’ sireadh neach as urrainn ceanglaichean obrach buadhach a thogail le diofar luchd-ùidhe agus as urrainn farsaingeachd de thachartasan a lìbhrigeadh air-loidhne agus aghaidh-ri-aghaidh gus margaidheachd a dhèanamh air Sabhal Mòr Ostaig do dhaoine gu fada is farsaing.

Tha sinn deònach beachdachadh air iarrtasan airson obair làn-thìde no pàirt-thìde. Tha sinn cuideachd deònach beachdachadh air iarrtasan bho dhaoine a tha airson a bhith ag obair air astar, leis an tuigse gum bi agaibh ri tighinn dhan Cholaiste bho àm gu àm.

Upload your CV/resume or any other relevant file. Max. file size: 8 MB.


You can apply to this job and others using your online resume. Click the link below to submit your online resume and email your application to this employer.