CEANNARD MARGAIDHEACHD IS CONALTRAIDH (Fòrladh Màthaireil)

Làrach-lìn / Website Sabhal Mòr Ostaig

Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ sireadh Ceannard Margaidheachd is Conaltraidh airson eadar 12-15 mìosan nuair a bhios an ceannard a th’ ann an-dràsta dheth air fòrladh màthaireil.

Bidh ceannard na roinne a’ stiùireadh mar a thèid obair mhargaidheachd is chonaltraidh Sabhal Mòr Ostaig a choileanadh, agus bidh iad a’ stiùireadh an sgioba mhargaidheachd is chonaltraidh bho latha gu latha, agus a’ toirt taic dhaibh gus na cinn-uidhe aca a choileanadh.

Bidh tuigse fìor mhath aig an neach-iarrtais shoirbheachail air mar a choileanar ro-innleachdan, air planadh iomairtean agus air prionnsapalan margaidheachd, agus bidh iad cruthachail agus fiosrach mu mhargaidheachd is conaltradh didseatach san latha an-diugh.

Fad còrr is 50 bliadhna, tha Sabhal Mòr Ostaig air a bhith a’ tairgsinn chothroman ionnsachaidh, rannsachaidh is cultarach sàr-mhath an dà chuid anns an Eilean Sgitheanach agus air-loidhne.

Tha sinn cuideachd deònach beachdachadh air iarrtasan gus an dreuchd a choileanadh le dòigh-obrach mheasgaichte le bhith ag obair bhon taigh agus sa cholaiste.

Upload your CV/resume or any other relevant file. Max. file size: 8 MB.


You can apply to this job and others using your online resume. Click the link below to submit your online resume and email your application to this employer.