
Open Book
Prìomh Leughadair(ean) airson Buidhnean Gàidhlig Air-loidhne
Tha Open Book a’ sireadh Prìomh Leughadair (no dà Phrìomh Leughadair) gus seiseanan leughadh còmhla agus seiseanan sgrìobhadh cruthachail a lìbhrigeadh mar phàirt den phrògram Gàidhlig air-loidhne aca.
Mu Open Book
Tha Open Book (openbookreading.com) air seiseanan leughadh còmhla, agus seiseanan sgrìobhadh cruthachail a chumail do dh’inbhich bhon Mhàrt 2013. Anns a’ bhliadhna 2024/25, bidh sinn air còrr is 1100 seisean a lìbhrigeadh ann an timcheall air 80 àite – bho na h-eileanan a-muigh ann an Sealtainn dhan t-Sròn Reamhar agus ann an àiteachan mar Obar Dheathain, Inbhir Nis, Dùn Dè agus Meadhan na h-Alba. Bidh sinn ag obair ann an grunn roinnean – leabharlannan, ionadan cùram-slàinte, le seann daoine, fògarraich is imrichean, buidhnean coimhearsnachd, agus ann am prìosanan, leabharlannan agus suidheachaidhean poblach eile. Thèid sgeulachdan agus dàin a leughadh a-mach agus an uair sin thèid deasbad orra ann an suidheachadh socair, neo-fhoirmeil, le mu thrian de na buidhnean cuideachd a’ dèanamh sgrìobhadh cruthachail san t-seisean. Bithear a’ lìbhrigeadh seiseanan aghaidh ri aghaidh agus air-loidhne agus ann an Gàidhlig, Scots is Arabais a bharrachd air Beurla.
Riatanasan gus tagradh a dhèanamh
Bidh an tagraiche soirbheachail:
- fileanta an dà chuid sa Ghàidhlig agus sa Bheurla;
- fìor dhèidheil air leughadh agus air leabhraichean;
- air iarraidh orra gabhail ann an sgeama PVG (Dìon nam Buidhnean So-leònte) (pàighidh Open Book na cosgaisean airson PVG agus cumaidh iad taic ris a’ Phrìomh Leughadair gus am pròiseas a choileanadh; agus
- comasach air a dhol gu seisean trèanaidh pàighte air-loidhne mu mhodail Open Book, a thèid a chumail goirid às dèidh dhaibh a bhith air am fastadh, agus ma ghabhas e dèanamh, comasach air a dhol gu seisean pàighte eile air-loidhne leis a’ bhuidhinn nas fharsainge de leughadair Open Book timcheall air ceann-latha tòiseachaidh a’ phròiseict air 1 Giblean.
Leughadh Còmhla sa Ghàidhlig
Thèid cùmhnant a thoirt dhan Prìomh Leughadair gus 10 bùthan-obrach leughadh còmhla air-loidhne a stiùireadh sa Ghàidhlig aig ìre tòiseachaidh – eadar-mheadhanach. Thèid na bùithtean-obrach a chumail air an aon latha agus aig an aon àm gach mìos (m.e. an treas Diciadain de gach mìos). Is e an tuarastal airson gach bùth-obrach leughadh còmhla £115 (60 mionaidean) a’ gabhail a-steach ullachadh, lìbhrigeadh agus fios air ais às dèidh làimh. Bidh ochd uairean trèanaidh riatanach ann – a’ gabhail a-steach trèanadh tùsail sa mhodail airson leughadh còmhla – cuideachd le tuarastal de £30 san uair.
Sgrìobhadh Cruthachail sa Ghàidhlig
Thèid cùmhnant a thoirt dhan Prìomh Leughadair gus 10 bùthan-obrach leughadh còmhla air-loidhne a stiùireadh sa Ghàidhlig aig ìre tòiseachaidh – eadar-mheadhanach. Thèid na bùithtean-obrach a chumail air an aon latha agus aig an aon àm gach mìos (m.e. an treas Diciadain de gach mìos). Tha tuarastal de £220 (90-120 mionaidean) airson gach bùth-obrach sgrìobhadh cruthachail a’ gabhail a-steach ullachadh, lìbhrigeadh agus fios air ais às dèidh làimh. Bidh ochd uairean trèanaidh riatanach ann – a’ gabhail a-steach trèanadh tùsail sa mhodail airson leughadh còmhla – cuideachd le turastal de £30 san uair.
Thathar ag iarraidh air a h-uile Prìomh Leughadair taic a thoirt do na buidhnean aca airson a dhol gu tachartas litreachais rè bliadhna a’ phròiseict. Dh’fhaodadh seo a bhith na thachartas Fèis air-loidhne no tadhal le ùghdar. Bidh tuarastal a bharrachd de £120 ri fhaighinn do phrìomh leughadairean airson a bhith a’ cur air dòigh agus a’ frithealadh nan tachartasan sin.
Pròiseas tagraidh
Cuiribh a-steach CV gu amy@openbookreading.com ro 5f air Dihaoine 7 Màrt a’ toirt cunntas air eòlas sam bith a tha thu a’ faireachdainn a bhiodh buntainneach, a bharrachd air litir-chòmhdachaidh ag innse dhuinn carson a tha thu airidh air an obair seo. Innsibh dhuinn a bheil sibh a’ cur a-steach airson obair mar Phrìomh Leughadair, Prìomh Leughadair Sgrìobhadh Cruthachail, no an dà chuid. Thèid cuireadh a thoirt do gheàrr-liosta de thagraichean gus agallamh a dhèanamh tro Zoom. Bithear an dùil gum frithealaich an tagraiche soirbheachail seisean trèanaidh goirid, goirid às dèidh sin. Ma tha ceist sam bith agaibh co-cheangailte ris an tagradh, cuiribh fios gu amy@openbookreading.com.
Tuilleadh fiosrachaidh / More info
Airson tagradh a dhèanamh, tadhail air an duilleag seo
To apply for this job please visit the following URL: