Manaidsear Rianachd

  • Làn-thìde / Full-time
  • Steornabhagh no Inbhir Nis
  • Posted 2 days ago
  • Tuarastal / Salary: £28,000 - £32,000
  • Cùmhnant / Contract: Maireannach
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 35
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential
  • September 6, 2024

Làrach-lìn / Website cnag_albaComunn na Gàidhlig

A' cruthachadh chothroman dhan Ghàidhlig!

Tha CnaG a’ sireadh neach comasach is èasgaidh airson dreuchd chudromach a lìonadh ann an structar a chompanaidh – Manaidsear Rianachd.

Tha an gnìomh a tha an cois an dreuchd a tha seo a’ cumail taic ri raon farsuing de dh’obair leasachaidh na Gàidhlig am measg an òigridh.

Tha CnaG air a bhith aig teis-mheadhan obair leasachaidh na Gàidhlig airson dà fhichead bliadhna, bho 1984. Anns an là a th’ann tha fòcas teann aig CnaG air obair-òigridh le bhith a’ lìbhrigeadh prògram ionadail ann an sgìrean air feadh na Gàidhealtachd agus Alba, agus le bhith a’ lìbhrigeadh prògram de thachartasan is cothroman nàiseanta aig diofar ìrean.

Airson sgioba sgaipte, is gnìomh farsuing mar seo tha e air leth-cudromach gum bheil siostaman rianachd làidir aig a chompanaidh, is cuideigin eàsgaidh is comasach an sàs unnta.

Airson ceistean no còmhradh mun dreuchd, no airson foirm tagraidh iarraidh cuireabh fios gu Dòmhnall MacNèill, Ceannard ChnaG air domhnallmacneill@cnag.org no aig oifis Inbhir Nis air 01463 234138.

Tha e na phrìomhachas dhuinn an neach às fheàrr às urrainn dhuinn fhastadh dhan dreuchd a tha seo is le sin tha sinn sùbailte a thaobh an àite-obrach (Steòrnabhagh no Inbhir Nis). Bhiodh sinn fosgailte ri tagraidhean cuideachd bho feadhainn a bhiodh a’ sireadh sùbailteachd a thaobh uairean/àite obrach.

Feumaidh neach sam bith a tha airson a chuir airson na h-obrach foirm tagraidh lìonadh is a chuir thugainn. Cha deàn cunntas-beatha a-mhàin a chùis dhuinn. 

Bhiodh sinn an dùil agallamhan a dhèanamh air an seachdain a’ tòiseachadh 9mh Sultain.

Le taic bho Bòrd na Gàidhlig / Funded by Bòrd na Gàidhlig
Upload your CV/resume or any other relevant file. Max. file size: 8 MB.


You can apply to this job and others using your online resume. Click the link below to submit your online resume and email your application to this employer.