Oifigear Iomairt Òigridh – Brèascleit & Ùig Leòdhais

  • Pàirt-thìde / Part-time
  • Anywhere
  • Posted 4 days ago
  • Tuarastal / Salary: £14000 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: Bliadhna - Fòrladh Màthaireil
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 17.5
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential
  • February 28, 2025

‘Se cothrom a tha seo a dhol an sàs aig teis mheadhan obair leasachaidh na Gàidhlig anns an raon às cudromaiche a th’ann am measg an òigridh –  a’ cumail taic is brosnachadh ri luchd-labhairt ùr.

Tha na “h-Iomairtean Ghàidhlig” air a bhith stèidhichte aig Comunn na Gàidhlig bho chionn 2009, agus tha an dreuchd a tha seo mar phàirt den sgioba cliùiteach, taiceil seo.

Bìdh an oifigeir seo a’ gabhail thairis sgìre far am bheil a Ghàidhlig làidir, is far am bheil obair mhath air a bhith a’ leantainn: sgìre Breàscleit is Ùig ann an Leòdhas.

Mar leis a h-uile Iomairt Ghàidhlig eile, tha fòcas làidir againn anns an sgìre seo air an òigridh fhèin, a’ feuchainn ri am brosnachadh agus am misneachadh anns a chànain, agus an dàimh-pearsanta a th’aca dhan Ghàidhlig a dhaingneachadh.

Tha seo ga dheànamh le measgachadh de seiseanan is cur-seachadan spòrsail is tarraingeach, gach cuid leis an oifigear fhèin gan lìbhrigeadh, neo le bhith a’ cur air dòigh feadhainn eile ‘son siud a dhèanamh.

Tha e riatanach gum bheil ùidh aig an neach a gheibh an dreuchd seo ann a bhith ag obair le daoine òga (sa bhun-sgoil, suas gu deireadh na h àrd-sgoile); agus cuideachd a bhith an comas dàimh is càirdeas a thogail leotha.

Tha sinn a’ lorg chuideigin le mac-meanma, dealas dhan chànain, agus ùidh mhòr ann an obair òigridh. Bidh an dreuchd a’ crochadh air clàradh soirbheachail le sgeama ‘PVG’ – gach cùid ùrachadh, no clàradh às ùr, a rèir na bhiodh a dhìth.

‘Se dreuchd pàirt ùine a tha seo, stèidhichte aig CnaG, le maoin bho Bhòrd na Gàidhlig, agus Comhairle nan Eilean Siar.

Airson còmhradh no-fhoirmeil a dhèanamh mun dreuchd seo faodaidh sibh post-d a chuir sa chiad dol-a-mach gu Marina Mhoireach; marina@cnag.org

NB – Bithidh foirm tagraidh a dhìth oirnn bho gach neach aig am bheil ùidh san dreuchd. Gheibh sibh leth-bhreac den fhoirm seo bho  Mharina Mhoireach air an seòladh gu h-àrd.

Ma tha a cheann-là air 28mh Gearran na dhuiligheadas dhuibh, leig fios dhuinn ro làimh is gabhaidh sinn beachd air a shìneadh a-mach.

Le taic bho Bòrd na Gàidhlig / Funded by Bòrd na Gàidhlig
Upload your CV/resume or any other relevant file. Max. file size: 8 MB.


You can apply to this job and others using your online resume. Click the link below to submit your online resume and email your application to this employer.