Làrach-lìn / Website /comunnnagaidhlig/Comunn na Gàidhlig
Obair leasachaidh òigridh aig ìre coimhearsnachd
Tha Comunn na Gàidhlig a’ sireadh Buill ùr airson Bòrd-Stiùiridh a’ Chompanaidh. ‘Se sanas ùr a tha seo, airson 2024.
‘Se cothrom a tha seo do thaic a chumail ri aon de na buidhnean às fhaide-stèidhichte ann an saoghal leasachaidh na Gàidhlig – agus leis a sin, dhan obair leasachaidh fhèin. Gu dearbh, aig an ìre-sa tha CnaG a’ comharrachadh 40 bliadhna de bhith ag obair aig teis-mheadhan leasachadh na Gàidhlig.
‘S an là an diugh tha CnaG gu dlùth-sàs fhathast anns an iomairt leasachaidh, le fòcas sònraichte air obair òigridh anns na sgoiltean, agus anns a’ choimhearsnachd. Tha a mhòr chuid den obair againn air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig.
An luib ChnaG tha luchd-obrach a’ chompanaidh fhèin, agus sgiobaidhean Chomann nam Pàrant, agus Spòrs Gàidhlig.
Tha CnaG stèidhichte bho lagh chompanaidhean, agus clàraichte le ‘Companies House’; thathas cuideachd clàraichte mar bhuidheann-carthannach le OSCR (oifis rìaghlaidh nam buidhnean cathrannachd ann an Alba). Bhiodh na Buill ùr le inbhe mar Stiùirichean a Chompanaidh, agus mar Urrasaran a Bhuidheann Cathrannach.
Mar às trice bidh Buill air a Bhòrd Stiùiridh airson trì bliadhna, le cothrom teirm ùr a thòiseachadh às deidh siud. An dràsta tha sinn gann aon Bhall, agus dùil againn ri teirm aon Bhall eile bhith a’ tighinn gu crìoch.
‘S ann air na h-adhbharan ud a tha sinn a’ lorg dhaoine ùr le dealas dhan Ghàidhlig agus na sgilean pearsanta no corporra a chumas taic ris an sgioba-obrach, agus an obair leasachaidh.
‘Se dreuchdan saoir-thoileach a tha seo, ged a tha cosgaisean gam pàigheadh mu choinneamh làthaireachd aig coinneamhan a’ Bhùird.
‘Sa chumantas, bidh ceithir choinneamhan againn sa bhliadhna. Tha sinn ag amas air a bhith cruinn-còmhla airson co-dhiù aonan dhiubh siud (ann an Glaschu no Inbhir Nis) le trì eile a’ gabhail àite ‘air loidhne’ tro leithid TEAMS.
Bithidh na coinneamhan seo, agus na paipearan a thig nan cois, a’ leantainn anns a Ghàidhlig.
Às an seachdnar air am Bòrd Stiùiridh an dràsta tha coignear fireannach, is dithis bhoireannach. Le sin chuireadh sinn fàilte shònraichte air tagraidhean bho bhoireannaich, ach ‘se am prìomhachas gum faigh sinn daoine le dealas dhan Ghàidhlig is le eòlas is sgilean a thaobh obair leasachaidh na Gàidhlig, obair òigridh, no bhith a’ stiuireadh buidheann.
Ma tha ùidh sam bith agaibh anns na dreuchdan seo dh’iarradh sinn gun cuireadh sibh post-dealan gu Dòmhnall MacNèill, Ceannard ChnaG air seòladh post-d domhnallmacneill@cnag.org no le fòn chun an oifis air 01463 234138. Bìdh foirm-tagraidh ri lìonadh is gheibhear seo bho Mhgr MhicNèill.