Oifigear Litreachais agus Foillseachaidh

  • Làn-thìde / Full-time
  • Glaschu, Glasgow
  • Posted 8 hours ago
  • Tuarastal / Salary: £26,000 - £30,000
  • Cùmhnant / Contract: Permanent
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential
  • Ìre foghlaim a dhìth / Education level needed: Fo-cheum
  • March 24, 2025

Làrach-lìn / Website /ComhairleNanLeabhraichean/LeughLeabharComhairle nan Leabhraichean

A' lasadh litreachas na Gàidhlig / Inspiring Gaelic Literature

Tha taic do sgrìobhadairean agus foillsichearan aig cridhe obair Chomhairle nan Leabhraichean, a’ phrìomh bhuidheann airson litreachas na Gàidhlig. Bidh an t-Oifigear Litreachais agus Foillseachaidh a’ dèiligeadh ri rianachd nan tabhartasan barantais agus tabhartasan foillseachaidh, a’ frithealadh air Comataidh nan Tabhartas, agus a’ co-òrdanachadh nam prògraman leasachaidh a bhios sinn a’ tabhann do sgrìobhadairean aig diofar ìrean.

Bidh sàr-sgilean rianachd aig an tagraiche shoirbheachail, agus Gàidhlig fhileanta le eòlas agus misneachd a thaobh sgilean sgrìobhaidh. Bhiodh eòlas air a’ ghnìomhachas fhoillseachaidh na bhuannachd, ach tha cothroman trèanaidh ann do neach aig am biodh ùidh ann a bhith a’ leasachadh nan sgilean aca chun na h-ìre iomchaidh.

 

Prìomh dhleastanasan is uallaichean

·        A’ cumail smachd èifeachdach air rianachd agus conaltraidhean co-cheangailte ri tabhartasan barantais agus tabhartasan foillseachaidh, a’ làimhseachadh iarrtasan bho sgrìobhadairean agus foillsichearan ann an deagh àm.

·        A’ dearbhadh gu bheil cumhachan thabhartasan air an coileanadh, agus a’ cumail chlàraidhean ceart air suimeannan a tha air am pàigheadh no rim pàigheadh.

·        A’ frithealadh air Comataidh nan Tabhartas (fo-chomataidh de Bhòrd-stiùiridh Comhairle nan Leabhraichean) agus ag ullachadh phàipearan airson na Comataidh agus airson a’ Bhùird-stiùiridh ceithir tursan sa bhliadhna.

·        Ag obair còmhla ri Ceannard Litreachais agus Foillseachaidh ann an oidhirp comhairle a thoirt do sgrìobhadairean agus foillsichearan.

·        A’ cur ri leasachadh phoileasaidhean agus shiostaman Comhairle nan Leabhraichean.

·        A’ dèiligeadh le rianachd, sanasachd agus iarrtasan airson nam prògraman leasachaidh a bhios Comhairle nan Leabhraichean a’ tabhann do sgrìobhadairean – an dà chuid prògraman Comhairle nan Leabhraichean fhèin agus prògraman a nì sinn ann an co-bhann le buidhnean eile, leithid Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra agus Comhaltachd Las còmhla ri Urras Leabhraichean na h-Alba.

·        Dleastanasan is uallaichean reusanta eile a ghabhail os làimh – cuid a dh’fhaodadh a bhith taobh a-muigh uairean obrach àbhaisteach.

 

Teisteanasan is Riatanasan na Dreuchd

·        Thathas an dùil gum bi ceum-oilthigh no eòlas obrach iomchaidh air rianachd, stiùireadh phròiseactan no cuspairean coltach ri seo aig an tagraiche shoirbheachail.

·        Thathas a’ sireadh tagraiche le deagh sgilean tionnsgalach a tha comasach air obrachadh mar phàirt den sgioba agus gu neo-eisimeileach.

·        Bu chòir do thagraichean a bhith comasach ann an cleachdadh Microsoft Office (gu h-àraid Word agus Excel). Bhiodh eòlas air deasachadh-lìn bunaiteach (WordPress) agus air na meadhanan-sòisealta na bhuannachd.

·        Tha e riatanach gum bi deagh sgilean sgrìobhaidh ann an Gàidhlig agus Beurla aig an tagraiche shoirbheachail, agus gu bheil iad comasach le àireamhan agus air fiosrachadh a chlàradh gu mionaideach.

·        Tha e riatanach gum bi sgilean conaltraidh àrd-ìre aig an tagraiche shoirbheachail ann an Gàidhlig agus Beurla. Ann a bhith a’ dèiligeadh le sgrìobhadairean, foillsichearan agus compàirtichean eile feumaidh iad a bhith tuigseach, mothachail, sùbailte agus cothromach, le sàr-sgilean eadar-pearsanta.

·        Feumaidh an neach san dreuchd a bhith dealasach mu obair is lèirsinn Chomhairle nan Leabhraichean agus mu bhith a’ brosnachadh sgrìobhadh agus foillseachadh sa Ghàidhlig.

 

Cùmhnantan Seirbheis san Fharsaingeachd

·        Bidh an tuarastal dhan dreuchd seo san raon £26,000 – £30,000.

·        Is e 25 latha an làn-chòir air fòrladh sa bhliadhna (ag èirigh gu 30 latha an dèidh seirbheis còig bliadhna) a thuilleadh air na làithean poblach àbhaisteach (12 làithean).

·        Tha sgeama peinnsein aig Comhairle nan Leabhraichean agus thèid an neach san dreuchd a chlàradh air an sgeama seo às dèidh trì mìosan.

·        Tha uairean-obrach àbhaisteach eadar 09.00 agus 17.00 Diluain gu Dihaoine. Tha tomhas de shùbailteachd sna h-uairean-obrach sin le tìde dheth mu choinneamh corra àm-obrach air an fheasgar no aig an deireadh-sheachdain, ach is àinneamh a dh’fheumadh an t-oifigear seo a bhith ag obair taobh a-muigh nan uairean-obrach àbhaisteach. Is e prìomh àite-obrach oifis Chomhairle nan Leabhraichean aig 32 Sràid Achadh a’ Mhansa an Glaschu, ach dh’fhaodadh an neach seo a bhith ag obair bhon taigh aig amannan le cead.

·        Bidh an t-Oifigear Litreachais agus Foillseachaidh a’ freagairt do Cheannard Litreachais agus Foillseachaidh.

·        Is e dreuchd làn-ùine a tha seo agus cha bhi cead aig an neach san dreuchd obair sam bith eile a ghabhail os làimh a bhios ann an còmhstri ri, agus/no a tha neo-chunbhalach le an dleastanas mar neach-obrach do Chomhairle nan Leabhraichean.

·        Faodaidh an dreuchd a toirt gu crìch air taobh seach taobh, le brath aon mhìos a thoirt seachad. Bu chòir gur e mìos slàn a bhiodh an seo, a’ fàgail às saor-làithean.

·        Is e sia mìosan an ùine pròbhaidh san dreuchd seo.

·        Chìthear poileasaidhean Chomhairle nan Leabhraichean air Co-ionannachd, Iomadachd agus In-ghabhail agus air Obair Chothromach aig http://www.gaelicbooks.org.

·        Cuirear a-mach cunnradh cosnaidh mionaideach chun an tagraiche shoirbheachail.

 

Tagraidhean

Bu chòir tagradh airson na h-obrach le làn-chunntas beatha (CV) a chur a-steach, agus litir ann an Gàidhlig a’ mìneachadh carson a tha thu freagarrach airson na dreuchd seo agus mar a chuireas tu ri obair is lèirsinn Chomhairle nan Leabhraichean.

Bu chòir ainmean dithis luchd-taic a chur ris na tagraidhean, ris am faod sinn dèiligeadh airson tuilleadh fiosrachaidh ma thèid agallamh a thairgsinn dhut.

Is e 5.00f air Diluain 24 am Màrt 2025 an latha deireannach airson thagraidhean. Bu chòir an cur gu:

Alison Lang, Stiùiriche, Comhairle nan Leabhraichean
32 Sràid Achadh a’ Mhansa
Glaschu G11 5QP

no gu alison@gaelicbooks.org

Tha tuilleadh fiosrachaidh mu Chomhairle nan Leabhraichean ri fhaotainn aig: http://www.gaelicbooks.org

Upload your CV/resume or any other relevant file. Max. file size: 8 MB.


You can apply to this job and others using your online resume. Click the link below to submit your online resume and email your application to this employer.