
Làrach-lìn / Website Comann nam Pàrant
Obrachadh mar bhall èifeachdach de sgioba, a’ lìbhrigeadh seirbheis thràth-ionnsachaidh a tha sùbailte agus a choinnicheas ri feumalachdan chloinn òga is an teaghlaichean.
Tha an dreuchd seo stèidhichte ann an Leòdhas agus bhiodh tu ag obair mar phàirt de sgioba beag aig Comann nam Pàrant.
Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte.
Airson fiosrachadh a bharrachd mun dreuchd seo neo foirm tagraidh faodaidh sibh post-d a chuir sa chiad dol-a-mach gu Magaidh Wentworth; magaidh@cnag.org
Tha an dreuchd a tha seo air a stèidheachadh le taic bhon “Children, Young People and Families Early Intervention Fund”.
