
Làrach-lìn / Website Tobar an Dualchais
Bu mhath le Tobar an Dualchais cuireadh a thoirt do dhaoine a cheumnaich bho chionn ghoirid agus a tha stèidhichte ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd, leis an eòlas agus na sgilean iomchaidh, tagradh a chur thugainn airson na dreuchd Ceumnaiche Òrain Ghàidhlig Didseatach. Mairidh an dreuchd làn-ùine seo (35 uairean an uaireadair san t-seachdain) fad sia mìosan, agus bidh e na mheadhan cudromach air susbaint Bliadhna nan Òran a ghluasad gu làrach-lìn Tobar an Dualchais. Bidh an ceumnaiche a’ co-òrdanachadh agus a’ cur dàta airson còrr agus 800 òran Gàidhlig dha na duilleagan ùra a th’ air an cruthachadh airson nan òran. Ùraichidh iad an t-susbaint Ghàidhlig agus nì iad eadar-theangachadh gu Beurla mar a bhios feum air.
Mar sin, bu chòir do thagraichean a bhith fileanta sa Ghàidhlig, an dà chuid labhairteach agus sgrìobhte, agus bhiodh eòlas air òrain no ceòl Gàidhlig na bhuannachd.
Bidh an tagraiche a shoirbhicheas stèidhichte ann an oifis Tobar an Dualchais aig Sabhal Mòr Ostaig ann an Slèite. Ge-tà, tha sinn deònach beachdachadh air iarrtasan bho dhaoine a tha airson a bhith ag obair air astar, fad ’s a tha iad fhathast stèidhichte ann an sgìre Comhairle nan Gàidhealtachd. .
Ma tha ùidh agad anns an dreuchd seo, cuir cunntas-beatha agus litir-chòmhdachaidh a mhìnicheas an ùidh a bhiodh agad anns an dreuchd gu Flòraidh Forrest (ff1.smo@uhi.ac.uk) ro 28 Gearran 2025.
Airson tagradh a dhèanamh, tadhail air an duilleag seo
To apply for this job please visit the following URL: