Làrach-lìn / Website /BragarArnol/Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair is Àrnoil
Tha Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, a’ sireadh Ceannard Gàidhlig agus Coimhearsnachd a bhios ag obair fad bliadhna aig Grinneabhat ann am Bràdhagair.
Deagh chothrom dha cuideigin aig a bheil ùidh ann an obair coimhearsnachd agus a’ Ghàidhlig. Tha UCBA a tabhachd program coimhearsnachd le tachartasan airson gach aois. Tha tachartasan seachdaineil, clasaichean, clubaichean, taisbeanaidhean ealain agus cultair anns a’ phrògram.
Tha program coimhearsnachd UCBA fosgailte dha duine sam bith. Tha UCBA cuideachd airson taic a chur ri Gàidhlig san sgìre, a’ brosnachadh dhaoine gu bruidhinn na Gàidhlig, a’ toirt taic dha luchd-ionnsachaidh agus a’ cur thachartsan spòrsail air dòigh dha cloinn son an cuid Gàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile.
Bidh aig a neach ri fiosrachadh a chumail ris an t-sluagh a thaobh margaidheachd agus na meadhanan-sòisealta. Feumaidh an neach obair gu dlùth le luchd-obrach Ghrinneabhat, le Bòrd Stiùiridh UCBA, agus le luchd obrach saor-thoileach.
Tuilleadh fiosrachaidh
Airson tuairisgeul obrach agus tuilleadh fiosrachaidh air an obair, cuiribh fios gu:
For a job description and any further information on this position, please contact: catrionacampbell@bragararnol.org
Tagraidhean/Applications
Cuiribh Cunntas-beatha agus litir tagraidh ro mheadhan oidhche air Dihaoine 29 Samhain gu: cnicleoid@gmail.com
A CV and a cover letter should be submitted by midnight on Friday 29th November to: cnicleoid@gmail.com
Tuilleadh fiosrachaidh / More info
Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.