‘S e amas na h-obrach seo a bhith a’ com-pàirteachadh agus a’ toirt taic do choimhearsnachdan leis an obair a tha iad a’ dèanamh gus lìbhrigeadh mu choinneamh nan raointean prìomhachais ann am Plana Corporra Bòrd na Gàidhlig. Bidh seo a’ gabhail a-steach com-pàirteachadh coimhearsnachd agus conaltradh le luchd-ùidh ionadail agus nàiseanta. Bidh stiùireadh agus measadh èifeachdach air pròiseas nam planaichean coimhearsnachd ionadail na phrìomh eileamaid den dreuchd seo.
Lorgar barrachd fiosrachaidh mun dhreuchd agus mu ciamar a thèid agaibh iarrtas a chur a-steach air a shon air ar làrach-lìn: https://www.gaidhlig.scot/gd/ar-n-obair/corporra/luchd-obrach/dreuchdan-bana-fastadh/