Làrach-lìn / Website Bòrd na Gàidhlig
Thathar a’ sireadh cùnnraidearan eòlach gus tairgse a chur a-steach airson trèanadh mothachadh na Gàidhlig.
Tha an trèanadh a shirear air a roinn na 2 mhodail:
a) Modail airson suas ri 2 sheisean trèanaidh a lìbhrigeadh air-loidhne do dh’ oifigearan leasachaidh le Gàidhlig gus an urrainn dhaibh a bhith a’ cumail fios ri co-obraichean is luchd-ùidh a thaobh na Gàidhlig
b) Modail airson suas ri 4 seiseanan mothachadh na Gàidhlig a lìbhrigeadh air-loidhne do luchd-obrach/buill san roinn phoblach mu inbhe na Gàidhlig is cho cudromach ’s a tha e.
Thathar an dùil gum bi na seiseanan seo a’ gabhail a-steach co-theacsa na Gàidhlig ann an Alba gu h-eachdraidheil agus san latha an-diugh; reachdas a th’ ann is dleastanasan aig buidhnean/ùghdarrasan fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 gabhail a-steach stiùireadh iomchaidh bho Bhòrd na Gàidhlig; agus na deagh bhuaidhean aig cànan, cultar is foghlaim Gàidhlig.
Airson tagradh a dhèanamh, tadhail air an duilleag seo
To apply for this job please visit the following URL: