Stiùiriche an Ionmhais / Director of Finance

  • Làn-thìde / Full-time
  • Anywhere
  • Posted 11 months ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £55,859-£62,667
  • Cùmhnant / Contract: Làn-ùine / Full-time
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 35
  • Gàidhlig / Gaelic: Na bhuannachd / Desirable

Làrach-lìn / Website SabhalMorOstaigSabhal Mòr Ostaig

An t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig

’S e Sabhal Mòr Ostaig an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig ann an Slèite an Eilein Sgitheanaich. Tha sinn air 50 bliadhna a chomharrachadh o chionn ghoirid agus tha sinn a’ sireadh Stiùiriche Ionmhais ùr a bhios riatanach san ùine a tha romhainn is sinn a’ leasachadh na Colaiste.

Bidh Stiùiriche an Ionmhais ag obair fon Phrionnsapal an lùib an Sgioba Stiùiridh agus bithear a’ toirt seachad stiùireadh ionmhasail ro-innleachdail do chaochladh sgiobannan agus a’ dearbhadh fallaineachd is seasmhachd ionmhasail na Colaiste.

Bu toil leinn stiùiriche làidir fhastadh aig a bheil sàr chomasan ionmhais is a tha làidir gu teicnigeach agus comas aca a bhith ag obair aig ìre ro-innleachdail is obrachail. Bhiodh eòlas-obrach air ionmhas ann am foghlam àrd-ìre no leantainneach na bhuannachd ach gabhaidh sinn ri iarrtasan bho thaobh a-muigh na roinne seo.

Bu mhiann leinn iarrtasan fhaighinn bho thagraichean a tha fileanta no adhartach nan comasan Gàidhlig ach cuirear cothroman ionnsachaidh sa chànan air dòigh airson an tagraiche cheart.

Mura h-eil thu cinnteach a bheil thu a’ coileanadh riatanasan na dreuchd no nam bu toil leat barrachd fiosrachaidh mun dreuchd, nach cuir thu fios don Phrionnsapal, Dr. Gillian Rothach, airson còmhradh neo-fhoirmeil a chur air dòigh air 01471 888200 no prionnsapal@smo.uhi.ac.uk

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

Job description Director of Finance.pdf

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.