Òraidiche Gàidhlig ann am Foghlam Thidsearan

  • Làn-thìde / Full-time
  • An t-Eilean Sgitheanach
  • Posted 2 years ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Cùmhnant / Contract: Maireanach
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Làrach-lìn / Website SabhalMorOstaigSabhal Mòr Ostaig

An t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig

(Làn-ùine no pàirt-ùine)
£35,170 – 43,357 (a rèir eòlais)

Tha Sabhal Mòr Ostaig an-dràsta a’ sireadh thagraichean mu choinneimh na dreuchd Òraidiche ann am Foghlam Thidsearan. ’S e cothrom air leth a tha seo airson taic a chumail ri ginealach ùr de thidsearan Gàidhlig agus a bhith a’ co-obrachadh ann an sàr sgioba air àrainneachd bhrosnachail, dhùbhlanach is luachmhor, tro mheadhan na Gàidhlig. Tha eòlas air foghlam Gàidhlig, teisteanas teagaisg aig ìre bun-sgoile no àrd-sgoile agus làn-chlàradh le GTCS riatanach san dreuchd. Cuiridh an neach soirbheachail gu mòr ri teagasg agus measadh air cùrsaichean foghlaim, a’ gabhail a-steach:

• BA (le Urram) Gàidhlig agus Foghlam
• PGDE (Slighe Ghàidhlig – bun-sgoil agus àrd-sgoil)
• MEd ann am Foghlam Gàidhlig (a rèir eòlais)

Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan airson na dreuchd seo bho thagraichean uidheamaichte. Bu chòir deagh eòlas a bhith aig tagraichean air Foghlam Gàidhlig aig ìre sgoile agus chuireamaid fàilte gu h-àraid air iarrtasan bho thagraichean aig a bheil teisteanas aig ìre bun-sgoile.

Faodar còmhradh neo-fhoirmeil mun obair a chumail le Shona NicCarmaig, Stiùiriche Foghlam Thidsearan aig snc.smo@uhi.ac.uk

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

Recruitment Pack FINAL.pdf

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.