Làrach-lìn / Website bordnagaidhligBòrd na Gàidhlig
Tha Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh Manaidsear Foghlaim airson 9 mìosan aig a’ char as lugha.
Mar mhanaidsear aig àrd-ìre, bidh tuigse mhath agaibh air cùisean poilitigeach, foghlaim, sòisealta agus deamografach a tha a’ toirt buaidh air obair Bhòrd na Gàidhlig agus ar buidhnean compàirteachas, agus bidh e comasach dhuibh obrachadh gu h-èifeachdach còmhla ri prìomh oifigearan poileasaidh is obrach aig na buidhnean le ùidh no com-pàirt san obair againn. Bidh sibh ag obair gu dlùth còmhla ri Sgioba Stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig gus dèanamh cinnteach gun tèid dleastanasan reachdail, àrd-amas agus ro-innleachdan a’ Bhùird a choileanadh agus bheir sibh taic do Stiùiriche Foghlam na Gàidhlig gus dèanamh cinnteach gun tèid na Prìomhachasan Ionnsachaidh ann am Planaichean Corporra is Gnìomh Bhòrd na Gàidhlig a thoirt gu buil.
Ma tha sibh airson còmhradh neo-fhoirmeil a chumail mun dreuchd, faodar post-d a chur gu Jennifer McHarrie, Stiùiriche Foghlaim – jennifer@gaidhlig.scot
Ceann-là airson iarrtasan – 5f Diluain 22 Cèitean 2023.
Thèid agallamhan a chumail tro Teams air 31 Cèitean 2023.
Gheibhear tuairisgeul-obrach agus foirm-iarrtais an seo:
Tuilleadh fiosrachaidh / More info
Tuairisgeul obrach Manaidsear Foghlam Forladh Mathaireil Giblean 2023 final 1.pdfTha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.