Ball air Bòrd-stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig

  • Pàirt-thìde / Part-time
  • Anywhere
  • Posted 2 years ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: 6984
  • Cùmhnant / Contract: 4 bliadhna
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 3 là gach mìos
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

A’ sireadh suas ri triùir bhall ùra airson Bòrd na Gàidhlig.

’S e Bòrd na Gàidhlig buidheann nàiseanta na Gàidhlig – Buidheann Phoblach Neo-roinneil reachdail a chaidh a stèidheachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Tha e an urra rinn cor na Gàidhlig a ghleidheadh ann an Alba agus nì sinn sin le bhith ag ullachadh agus a’ toirt stiùireadh dha mar a thèid Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2018-23 a chur an gnìomh do Mhinistearan na h-Alba. Sa phlana sin, chithear ar cinn-uidhe gus obair is iomairtean a chur air adhart agus a chur an gnìomh a bheir taic dhan Ghàidhlig.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu obair Bhòrd na Gàidhlig, tadhlaibh air ar làrach-lìn http://www.gaidhlig.scot/gd/

 

AN ÙINE A THA DHÌTH AGUS PÀIGHEADH

 

Thathar a’ sùileachadh gun cuir Buill a’ Bhùird 3 latha seachad sa mhìos, sa chumantas, ag obair air obair a’ Bhùird. Bidh an ùine a bhios a dhìth eadar-dhealaichte bho sheachdain gu seachdain, agus dh’fhaodadh gum bi coinneamhan a’ Bhùird ann tron latha, coinneamhan comataidh, làithean trèanaidh, no gum bi agaibh ri sgrìobhainnean a leughadh no a dhol gu tachartas airson luchd-ùidhe, agus mar phàirt de sin dh’fhaodadh gum bi agaibh ri siubhal agus fuireach an oidhche san àite far a bheil an tachartas.

 

Gheibh Ball a’ Bhùird pàigheadh luach £6,984 sa bhliadhna, agus sin stèidhichte air 3 latha-obrach sa mhìos sa chumantas agus thèid sgrùdadh a dhèanamh air a’ phàigheadh gach bliadhna. Chan eil peinnsean mar phàirt den dreuchd seo. Thèid cosgaisean reusanta a phàigheadh air ais.

 

Thèid a h-uile Coinneamh a’ Bhùird agus Coinneamh Comataidh a chumail air-loidhne agus faodaidh am mòr-shluagh coimhead orra. Faodaidh Buill a’ Bhùird na coinneamhan seo a fhrithealadh air-loidhne bho dhiofar àiteachan air feadh Alba.

 

NA SGILEAN/AN T-EÒLAS A THA A DHÌTH

 

Tha Ministearan na h-Alba a’ cur fàilte air iarrtasan bho thaghadh farsaing de dhaoine, le diofar fhreumhan agus diofar sheòrsaichean eòlais beatha, aig a bheil na sgilean/eòlas/fèin-fhiosrachadh a leanas:

 

Sgilean/eòlas/fèin-fhiosrachadh airson Ball Coitcheann

Sgilean conaltraidh Gàidhlig
Thar-sgrùdadh & Cunntachalachd
Mion-sgrùdadh & Co-dhùnaidhean Èifeachdach
Conaltradh & Obair ann an Sgioba
* Sgilean/eòlas/fèin-fhiosrachadh airson airson Ball Spèisealta

Planadh Cànain
Eòlas air/Mothachadh dha Cùisean Laghail
*Tha na ‘slatan-tomhais spèisealta’ ROGHNACH, chan fheum sibh fianais a thoirt seachad mun coinneimh mura h-eil sibh a’ smaoineachadh gun urrainn dhuibh. Faodaidh sibh iarrtas a chur a-steach airson a bhith nur ball coitcheann a-mhàin. Ma chuireas sibh iarrtas a-steach mu choinneimh aonan no a dhà de ‘na slatan-tomhais spèisealta’, thèid beachdachadh oirbh mar neach-iarrtais coitcheann cuideachd mura h-iarr sibh oirnn gun sin a dhèanamh. Ma gheibh sibh agallamh, thèid innse dhuibh cò na slatan-tomhais air am bithear a’ dèanamh measadh airson na dreuchd.

 

GUS CUR A-STEACH AIRSON NA DREUCHD SEO LEANAIBH AN CEANGAL GU H-ÌOSAL

Cur a-steach airson na dreuchd seo

 

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.