Làrach-lìn / Website SabhalMorOstaigSabhal Mòr Ostaig
An t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig
A bheil sibh fileanta sa Ghàidhlig, ga bruidhinn agus ga sgrìobhadh, agus làn dìoghrais dhan chànan? Tha Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, a’ sireadh neach a thig a dh’obair còmhla rinn mar Mhanaidsear Leasachaidh na Gàidhlig.
’S ann ann an Slèite san Eilean Sgitheanach a tha Sabhal Mòr Ostaig, agus ’s e an aon ionad airson Foghlam Àrd-ìre is Adhartach anns an t-saoghal a tha a’ lìbhrigeadh a chuid phrògraman ionnsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig a-mhàin ann an àrainneachd bhogaidh bheairtich. ’S e dreuchd inntinneach a tha seo le diofar dhleastanasan agus bidh gach latha-obrach agaibh eadar-dhealaichte.
Am measg nan raointean sam bi sibh a’ dol an sàs le cothrom agaibh piseach is buaidh a thoirt orra, tha: a’ cruthachadh chothroman gus conaltradh a dhèanamh is ceanglaichean a thogail ri coimhearsnachdan, ag obair còmhla ri luchd-obrach is oileanaich gus sgilean cànain a thogail is a neartachadh agus a’ stèidheachadh agus a’ toirt seachad chothroman còmhraidh sa Ghàidhlig ann an suidheachaidhean neo-fhoirmeil. Nì sibh sin uile leis an amas Gàidhlig a ghleidheadh, a chur air adhart agus ath-nuadhachadh.
Beachdaichidh sinn air iarrtasan bho thagraichean a tha airson a bhith ag obair làn-ùine no pàirt-ùine.
Bidh agaibh ri dhol tro Disclosure Scotland.
Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.