Làrach-lìn / Website bordnagaidhligBòrd na Gàidhlig
Tha Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh Manaidsear Cùisean Phoblach (Eadar-amail).
Tha e an urra ris an neach-dreuchd cuid prìomh pròiseactan a thoirt air adhart ann an ùine ghoirid agus gus taic a thoirt do àrd stiùirichean.
‘S e prìomh dleastanasan an dreuchd:
- Gus dol an sàs gu brìoghmhor còmhla ri luchd-ùidh, coimhearsnachdan agus luchd timcheall air dreuchd agus buaidh a th’ aig Bòrd na Gàidhlig poilitigs
- Gus planadh, cruthachadh agus toirt gu buil àireamh de pròiseactan aon-turais ceangailte ri cosnachadh an luchd-ùidh a rèir loidhnichean-tìde soilleir
- Gus leasachadh agus meudachadh dàimhean leantaileach còmhla ri prìomh luchd-ùidh, aig ìrean nàiseanta agus roinneil
- Gus taic a thoirt do dàimhean obrach matha eadar Bòrd na Gàidhlig agus a h-uile prìomh neach-ùidh poilitigeach
- Gus comhairle a thoirt do SMT agus, far a bheil e freagarrach, a’ Bhòrd agus na Comataidhean aige air cùisean iomchaidh agus gus brathan-ullachaidh a sholarachadh far a bheil e freagarrach airson leasachadh a’ phoileasaidh taobh a-staigh na buidhne
- Gus co-obrachadh le co-obraichean air leasachadh an t-siostaim gus ceanglaichean le buidhnean taobh a-muigh a mheudachadh, mar a tha freagarrach ann an gach sgioba a’ Bhùird
- Gus dèanamh cinnteach mathachadh leantaileach ann an solarachadh an t-seirbhis gus èifeachdas agus luach an airgid a làn-mheudaich
- Comas a leasachadh ann an sgilean agus eòlas, tro dealas air trèanadh agus leasachadh an luchd-obrach, gus cliù BnG a thogail mar buidheann ’eòlach’ agus buidheann èifeachdail.
- Gus comhairle a thoirt don Cheannard ann an leasachadh leantaileach na sgìrean fo a làimh gus taic a thoirt do amasan BnG.
Ceann-latha airson tagraidhean: Diluain 22 Samhain 2021, 5f
Thèid agallamhan a chumail air Microsoft Teams air Diluain 29mh Samhain 2021.
Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.