Làrach-lìn / Website bordnagaidhligBòrd na Gàidhlig
Bidh an neach-dreuchd seo ag obair mar phàirt de Sgioba nam Planaichean Gàidhlig. ’S e fear de na prìomh dhleastanasan a th’ air an sgioba seo fios a chur gu ùghdarrasan poblach ann an Alba ag iarraidh orra planaichean Gàidhlig reachdail ullachadh.
Tha planaichean Gàidhlig a’ comharrachadh nan dòighean anns am bi ùghdarrasan poblach a’ cruthachadh chothroman do dhaoine Gàidhlig a chleachdadh an lùib obair is seirbheisean nan ùghdarrasan poblach sin, agus bidh na planaichean aca a’ cur taic ri prìomhachasan a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig. Bidh an sgioba a’ cuideachadh ùghdarrasan poblach nuair a tha iad a’ dealbh a’ chiad phlana aca agus nuair a bhios iad ag ùrachadh nam planaichean aca, mus tèid aonta foirmeil iarraidh bhon Bhòrd.
Tha e an urra ris an neach-dreuchd dèanamh cinnteach gun tèid prìomhachasan a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig a chur an gnìomh tro na planaichean Gàidhlig aig na h-ùghdarrasan poblach, gu sònraichte le bhith a’ togail dàimhean làidir agus èifeachdach le oifigearan aig na h-ùghdarrasan poblach.
Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.