Làrach-lìn / Website bordnagaidhligBòrd na Gàidhlig
Tha sinn a’ sireadh triùir Bhuill Bùird ùra son ar Bòrd. Tha na sgilean, fios agus eòlas a tha sinn ag iarraidh air a mhìneachadh buileach anns a’ Phasgan Fhiosrachaidh.
Chuireamaid fàilte air tagraidhean bho fharsaingeachd aoisean (chan eil sibh a chaoidh ro aosd neo ro òg!), feadhainn a’ fuireach neo ag obair le coimhearsnachdan Gàidhlig eileanach neo dùthchail agus iadsan le dealasachd don Ghàidhlig, a bu mhiann Gàidhlig fhaicinn is a chluinntinn gu làitheil is a bhith air aithneachadh mar phàirt riatanach de bheatha na h-Alba. Aig an àm seo agus gus am bòrd a dhèanamh cothromach chuireadh sinn fàilte gu h-àraid air tagraidhean bho boireannaich is daoine òga.
Ma tha seo coltach ribhse, na bith leisg a’ dèanamh tagraidh!
Buill a’ Bhùird
Tha sinn a’ sireadh Buill Bùird aig a bheil eachdraidh agus eòlas ann an co-dhiù aon de raointean seo:
- Riaghladh, Sgrùdadh agus Cunnart,
- Ionnsachadh agus Foghlam na Gàidhlig,
- Planadh, Rannsachadh is Measadh, no
- Co-obrachadh is Com-pàirteachas
A bharrachd air na sgilean gu h-àrd, tha sinn a’ sireadh dhaoine a choileanas na feumalachdan anns gach raon a tha seo (gheibhear tuilleadh fiosrachaidh anns a’ phasgan thagraidh):
- Sgilean conaltraidh misneachail sa Ghàidhlig
- Coimhead thairis agus Cunntachalachd
- Èifeachdas ann an sgrùdadh is co-dhùnaidhean
- Conaltradh, dùbhlann cruthachail is ath-leumachd
- Obair sgioba
Dè a tha na luib?
’S e àm togarrach is dùbhlannach a tha seo a bhith an sàs ann am brosnachadh na Gàidhlig ann an Alba agus gu sònraichte ann an obair Bòrd na Gàidhlig. ’S e cothrom taitneach a tha seo do dhaoine a bhith:
- a’ cuideachadh a’ brosnachadh cleachdadh is tuigse cànan, foghlam is cultar na Gàidhlig;
- a’ cur taic ri Bòrd na Gàidhlig mar phrìomh chomhairliche do Mhinistearan na h-Alba a thaobh cànan, foghlam is cultar na Gàidhlig;
- a’ toirt comhairle do bhuidhnean poblach, agus iadsan le dleastanas seirbheisean poblach a lìbhrigeadh, a thaobh mar a bu chòir cànan, foghlam is cultar na Gàidhlig a bhith air am meòrachadh is nam pàirt de lìbhrigeadh sheirbheisean poblach;
- a’ toirt taic is stiùireadh àrd ìre don Àrd Oifigear anns an leasachadh proifeiseanta leantannach acasan;
- càirdeasan obrach a thogail is a ghlèidheadh le buidhnean Gàidhlig, coimhearsnachd na Gàidhlig anns an fharsaingeachd (gach cuid coimhearsnachdan ùidhe agus coimhearsnachdan sgìreil) is farsaingeachd de bhuidhnean eile gus co-obrachadh làidir a ruighinn ann an bhith a’ lìbhrigeadh amasan a’ Phlana Gàidhlig Nàiseanta.
Càite?
Tha a h-uile coinneamh Bùird is Comataidh air an cumail air-loidhne an-dràsta agus fosgailte don phoball. Tha an cothrom aig buill a’ Bhùird a dhol an sàs ann an coinneamhan air-loidhne bho measgachadh de dh’àitichean air feadh Alba is leanaidh seo anns an àm ri teachd.
Tuarastal?
Tha Buill a’ Bhùird a’ faighinn tuarastail luach £6,984 sa bhliadhna stèidhichte air pàigheadh làitheil de £194 son dleastanas de thrì làithean sa mhìos (36 latha sa bhliadhna). Tha seo a’ tighinn fo ath-sgrùdadh bliadhnail.
Cuin?
’S e an ceann-là airson thagraidhean meadhan-oidhche Dihaoine 15 Dàmhair 2021.
Thèid agallamhan a chumail air an 17, 18 & 19 Samhain 2021. (A-rèir an t-suidheachaidh is comhairle aig an àm, dh’fhaodadh coinneamhan a bhith aghaigh ri aghaidh neo thairis ceangal bhideo.)
Tòisichidh na suidheachaidhean bhon 1 Faoilleach 2022.
Tuilleadh fiosrachaidh / More info
BnG Members FINAL VERSION Applicant information pack 9 Sept 2021.docx2021 BnG Board Applicant Information pack Gaelic version.docx
Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.