Oifigear Leasachaidh (Tidsearan)

  • Làn-thìde / Full-time
  • Anywhere
  • Posted 3 years ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £31,226 - £35,813 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: Maireannach
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 37
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh Oifigear Leasachaidh (Tidsearan).

’S e obair glè inntinneach, farsaing is cudromach a tha seo agus ’s e cothrom air leth a th’ ann airson cuideigin a tha airson a bhith ag obair ann am buidheann phoblach, leis an Riaghaltas, iomadh ùghdarras ionadail is buidheann shaor-thoileach gus daoine le Gàidhlig a thàladh gu bhith nan luchd-teagaisg Gàidhlig agus gus an glèidheadh san t-Siostam Foghlaim Ghàidhlig.

Togaidh an t-Oifigear dàimhean-obrach soirbheachail le sgoiltean, oilthighean, seirbhisean foghlaim nan ùghdarrasan ionadail agus ionadan foghlam thidsearan. Bidh i / e cuideachd a’ co-òrdanachadh cho-labhairtean foghlam Gàidhlig agus seiminearan trèanaidh mar phàirt dhen Sgioba Foghlaim aig Bòrd na Gàidhlig.

Ma tha ùidh agaibh san dreuchd seo, tha i fosgailte airson tagraidhean suas gu meadhan-latha air Diluain 23mh Lùnastail 2021 is tha sinn an dùil gun tèid agallamhan a chumail air Diluain 30mh Lùnastail 2021.

Bu chòir tagraidhean a dhol gu Corporra@gaidhlig.scot.

Ma tha sibh airson barrachd fhaighinn a-mach mun dreuchd, cuiribh post-d gu corporra@gaidhlig.scot is cuiridh sinn fios air ais thugaibh.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.