Tha sinn air leth phròiseil gu bheil sinn air a’ gheàrr-liosta airson na Duaisean Gàidhlig 2017.
Tha sinn air a’ gheàrr-liosta airson an Duais Eaconamach na Gàidhlig, le Thorntons Investments nan luchd-urrais, ’s seo ag aithneachadh am buaidh aig Obraichean Gàidhlig air a’ choimhearsnachd Gàidhlig bhon a chaidh e air bhog an-uiridh, agus cuideachd an luach a th’ aige a thaobh a bhith a’ sealltainn dè tha dol ann am margaid-obrach a’ chànain.
Thuirt Deasaiche Steven Kellow:
“Tha mi uabhasach fhèin pròiseil gu bheil Obraichean Gàidhlig air a’ gheàrr-liosta, agus tha mi moiteil gu bheil an làrach-lìn a’ faighinn a leithid de aithneachadh.
“Tha sinn uabhasach eòlach gu bheil Gàidhlig na phàirt bhunaiteach de chultar na h-Alba, ach anns na bliadhnaichean a chaidh seachad tha sinn air barrachd thuigse a chuir air an comas mòr eacanomaigeach a th’ aig a’ chànan airson a’ cur ris an eaconamaidh nàiseanta.
“Tha sinn air leth toilichte feadhainn de na chothroman seo a shealltainn tron aithisg bhliadhnail againn, ’s na sanasan-obrach air Obraichean Gàidhlig agus tha sinn an dùil cumail oirnn ann a bhith a’ brosnachadh luach na cànain air loidhne bho latha gu latha.”
Bidh cuirm nan duaisean, le Bòrd na Gàidhlig ’s an Daily Record nan luchd-urrais, a’ tachairt aig Taigh-Òsta Grand Central ann an Glaschu air Diciadain an 15mh den t-Samhain.
Gheibh thu barrachd fios air na Duaisean Gàidhlig air an làrach-linn aca an seo.
We are very proud to be shortlisted for the 2017 Gaelic Awards.
We have been shortlisted for the Gaelic as an Economic Asset award, sponsored by Thorntons Investments, recognising the impact that Obraichean Gàidhlig has had on the Gaelic community since launching last year, and also the value it has in showing the state of the Gaelic jobs market.
Editor Steven Kellow said:
“I’m amazed and delighted that Obraichean Gàidhlig has been shortlisted, and honoured that the site is getting such recognition.
“We’re well aware that Gaelic is a central part of Scottish culture, but in the last few years we’ve seen an increased realisation of the tremendous economic potential the language brings the national economy too.
“We’re glad to have highlighted some of these opportunities through our annual report and the job vacancies advertised on Obraichean Gàidhlig and look forward to continuing with promoting the language’s value online on a daily basis.”
The awards ceremony, sponsored by Bòrd na Gàidhlig and the Daily Record, will take place at Glasgow’s Grand Central Hotel on Wednesday 15th November.
You can find more information about the Gaelic Awards on their website here.