Tha sinn toilichte fios a’ leigeil dhuibh gu bheil sinn air tabhartas maoineachaidh a chuir a dh’ ionnsaigh an sgeama-maoineachaidh Taic Freumhan Coimhearsnachd aig Bòrd na Gàidhlig.
Tha gu math pròiseil leis an làrach ‘s an t-èisneachd a th’ aige an-dràsta, le cha mhòr 100 obraichean air an sanasachd ‘on a chaidh sinn air bhog san Lùnastal, ach a tha sinn mothachail gu bheil mòran a bharrachd ann a dh’ fhaodainn a dhèanamh airson margaid-obrach na Gàidhlig a chuideachadh ‘s a bhrosnachadh.
Ri linn sin, tha sinn air tabhartas maoineachaidh cuir a-steach airson gum b’ urrainn dhuinn seirbheisean na làraich a leudachadh airson buannachdan a thoirt don dara chuid fastaichean ‘s sireadearan obrach.
Nam measg na leasaichean a tha sinn a’ moladh, cuiridh sinn air dòigh stòr-dàta chunntas-beatha airson gum b’ urrainn fastaichean brath a chuir do sireadearan obrach ma tha iad airson obair a thabhainn.
A bharrachd air a sin, cuiridh sinn air dòigh goireasan airson gu bheil an làrach nas pearsanta ‘s nas ruigsinneach, le taghaidhean chànan, brathan obrach pearsanta ‘s goireas obraichean a shàbhaladh. Cuiridh sinn air dòigh goireasan coltach ri sin airson fastaichean cuideachd, leithid a bhith a chruthachadh foirmean-tagraidh gnàthaichte air an làrach airson am pròiseas-cosnaidh aca a leasachadh.
Tha sinn cuideachd an dùil barrachd a dhèanamh a thaobh margaidheachd airson ‘s gum bi barrachd eòlas aig daoine air Obraichean Gàidhlig ‘s na seirbheisean a tha ri fhaighinn.
Sa chumantas, tha sinn a’ creidsinn gum biodh ar phlanaichean airson goireasan ‘s ruigse Obraichean Gàidhlig a leasachadh a’ toirt buaidh mhòir do mhargaid-obrach na Gàidhlig ‘s a’ choimhearsnachd san fharsaingeachd, agus tha sinn an dòchas obrachadh cho dlùth ‘s a b’ urrainn dhuinn le Bòrd na Gàidhlig airson am piseach seo a libhrigeadh.
Ma tha ùidh agaibh anns na tha sinn an dùil a dhèanamh sa bhliadhna ri teachd, dh’ fhaodar an tabhartas maoineachaidh againn a’ leughadh gu h-ìosal.
Tha an deasaiche airson taing a thoirt do Kat Bateson ‘s Tasha Madigan airson an cuid cuideachaidh ann a bhith ag ullachadh an tabhartas seo.
We are happy to announce that we have submitted a funding proposal to the Bòrd na Gàidhlig funding scheme Taic Freumhan Coimhearsnachd.
We are proud of our website and its audience thus far, with almost 100 Gaelic jobs being advertised since we launched in August, but we are aware that there is a lot more we can do to help and promote the Gaelic jobs market.
To those ends, we have submitted out funding proposal so we can improve and develop the website’s service and offer benefits to both employers and jobseekers.
Among the improvements we propose, we will create a CV database where employers can contact jobseekers to offer work.
We will also allow for a more customisable and accessible experience for users, with language preferences, personalised job alerts and the ability to bookmark jobs to view later. This will also extend to employers, who will also be able to host their own application forms on our site to enhance their recruitment process.
We also aim to improve our marketing efforts so that more people are aware of Obraichean Gàidhlig and the services that are available.
Overall, we believe our plans to improve Obraichean Gàidhlig’s service and reach will produce great benefits for the Gaelic jobs market and wider Gaelic community, and we hope to work with Bòrd na Gàidhlig as closely as possible to make these improvements happen.
If you are interested in what we aim to do in the year to come, you can read our funding proposal below.
The editor wishes to thank Kat Bateson and Tasha Madigan for their help in developing this funding proposal.